Nighean ruadh bhàn, Chuirinn mo ghiollan a dh’iomain nan caorach歌词由Joy Dunlop演唱,出自专辑《Caoir》,下面是《Nighean ruadh bhàn, Chuirinn mo ghiollan a dh’iomain nan caorach》完整版歌词!
Nighean ruadh bhàn, Chuirinn mo ghiollan a dh’iomain nan caorach歌词完整版
Nighean ruadh bhàn bh’ aig Dòmhnall Ruadh Pìobair,
Rachadh i bhàl nam faigheadh i fìdhlear,

Dhèanadh i sìth nam faigheadh i dram.
Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i cìreadh,

Chuirinn mo ghiollan a dh’iomain nan caorach,

Chuirinn mo ghaol a dh’iomain nam bò.
Buachaille ghobhar thu, buachaille chaorach,

Buachaille laogh is buachaille bhò.
Chuirinn mo bhalachan shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan shealg nam fireachan,
Chuirinn mo bhalachan shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo ghaol a dh’iomain nam bò.
Bheirinn an gunna dha, bheirinn an cù dha,